MB2_1699.jpg

COMPANAIDH THÈATAIR GÀIDHLIG CO-AIMSIREIL

 

‘S E COMPANAIDH TÈATAR ÙR, CO-AIMISREIL A TH’ ANN AN THEATRE GU LEÒR, A’ LEASACHADH SGRÌOBHADH AGUS DRÀMA SA GHÀIDHLIG AIG ÀRD ÌRE

Tha sinn ag obair gus dràma leis na luachan-riochdachaidh as àirde a chruthachadh, anns a’ Ghàidhlig.  Tro bhith a’ cleachdadh nan ioma-mheadhanan agus teicneòlasan didseatach tha sinn a’ toirt tèatar Gàidhlig gu luchd-èisteachd mòr agus farsaing air feadh Alba.  Tha ionnsachadh cruthachail agus leasachadh sgilean gu tur aig crìdhe Theatre Gu Leòr agus tha sinn gu math làidir mu dheidhinn a bhith a’ coimiseanadh agus a’ foillseachadh dràma Gàidhlig ùr.

Ann a 2022, chaidh Theatre Gu Leòr ainmeachadh airson Best Radio Drama aig na Celtic Media Awards airson sreath dràma ùr Rudeigin Ri Ràdh / Something to Say ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal. Ann an 2021, bhuannaich Theatre Gu Leòr an Duais Ealain is Chultarach, le taic bho Alba Chruthachail, aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba airson an aon sreath. Ann an 2018, chaidh Theatre Gu Leòr ainmeachadh son Duais Ealain is Chultarach aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba airson Cèilidh. Bhuannaich sinn an duais ann an 2016 airson Shrapnel.

LEUGH TUILLEADH MU NA RIOCHDACHAIDHEAN AGAINN AN SEO


NAIDHEACHD AS ÙIRE

Tha Theatre Gu Leòr a’ trusadh buill ùra don bhòrd againn

A bheil ùidh agad ann an theatre na Gàidhlig? Tha sinn airson cluinntinn bhuat! Leugh tuilleadh an seo.


Seona NicGilleFhionndaig air tòiseachadh mar Stiùiriche Cruthachail Theatre Gu Leòr

Bu mhath leinn fàilte bhlàth a chur air Seona NicGilleFhionndaig, ‘s i a’ tòiseachadh san dreuchd Stiùiriche Cruthachail Theatre Gu Leòr.

‘S e riochdaire cruthachail a th’ ann an Seona, a tha air a bhith ag obair ann an tèatar do dhiofar chompanaidhean, leithid NTS, Magnetic North, Eden Court, an Tron, a bharrachd air Theatre Gu Leòr fhèin.

Leugh tuilleadh an seo.


Muireann Kelly a’ fàgail mar Stiùiriche Ealain

Tha Muireann Kelly, Stiùiriche Ealain Theatre Gu Leòr, gu bhith fàgail a chompanaidh aig deireadh a’ Ghiblein airson obair ùr a thòiseachadh mar Stiùiriche Ealain le Fíbín aig an Taibhdhearc, Theatre Nàiseanta na Gaeilge ann an Gaillimh. Barrachd fiosrachaidh an seo.

Thuirt Michelle NicLeòid, cathraiche Theatre Gu Leòr: “Às leth a h-uile duine a tha air a bhith an sàs le Theatre Gu Leòr thar nam bliadhnaichean, bu mhath leam taing a thoirt do Muireann airson na sàr obrach a rinn i agus airson cho brosnachail ‘s a tha bha i a thaobh na companaidh agus a thaobh tèatar na Gàidhlig san fharsainngeachd. Bidh sinn ga h-ionndrainn gu mòr ach tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhi san dreuchd ùr.”


Tha Theatre Gu Leòr air choimisean a thoirt dha triùir sgrìobhadair airson obair air sreath ùr dràma rèidio Rudeigin Ri Ràdh. Leugh barrachd mu na sgrìobhadairean agus na pìosan a tha iad cruthachadh an seo.


LUCHD-OBRACH:

MUIREANN KELLY – Stiùiriche Ealain (làn-ùine)

RHONA NICDHÙGHAILL – Co-òrdanaiche na Companaidhe (pàirt-ùine)

LANA PHEUTAN - Stiùiriche Strabang!: Tèatar Òigridh Nàiseanta na h-Alba (pàirt-ùine)

Leugh tuilleadh mun luchd-obrach againn an seo


AM BÒRD AGAINN:  

MICHELLE NICLEÒID - Cathraiche

MICHAEL JOHN O'NEILL – Ionmhasair

SÌM INNES

MAIRI TAYLOR

ROSEMARY WARD

CATHERINE TINNEY

SEONA MCCLINTOCK

Leugh tuilleadh mun bhòrd stiùiridh againn an seo


POILEASAIDHEAN

Tha aontachadh sònraichte eadar sinn fhin agus Equity, agus sinn a’ leantainn an comhairle aca a thaobh pàigheadh agus cumhaichean. Cuideachd, tha sinn a’ leantainn molaidhean Scottish Society of Playwrights nuair a tha sinn a tabhainn coimiseanan do sgrìobhadairean, agus stiùireadh o Playwrights’ Studio Scotland a thaobh pàigheadh nuair a tha sinn ag obair le luchd-leasachaidh dràma. Tha sinn a’ leantainn ‘Commitment to Fair Pay’ aig Alba Chruthachail. Faodar barrachd a leughadh mun stiùireadh seo air duilleag fiosrachaidh Alba Chruthachail an seo.

equity.jpg

ssplogo.jpg

Tha Theatre Gu Leòr an geall air pàigheadh a h-uile neach-ealain is neach-obrach a bhios an sàs sna pròiseactan againn aig an ìre iomchaidh airson an cuid obrach agus oidhirp.

 

Tha sinn nar fastaiche tuarastal bith-beò. Ionnsaich barrachd mu na tha seo a ciallachadh an seo.

Tha sinn cuideachd nar buill de na buidhnean a leanas. ‘S urrainn dhut barrachd a’ leughadh mun obair aca le a bhith a’ bruthadh air na dealbhan.

2.+Culture+Counts+LOGO+Solid+Black+PNG.png

downloadgreenarts.png

fst.png

logo-scotlandab.png

Leugh ar Poileasaidh Àrainneachd an-seo

Leugh ar Poileasaidh Cànan, ar Poileasaidh Co-ionnanas & Iomadachd an-seo

Leugh ar Poileasaidh Dìon Chloinne an-seo

Leugh ar Poileasaidh Prìobhaideachd an-seo


LEAN / FOLLOW :

 

 

 

 

 

CLÀRAICH / SUBSCRIBE TO OUR NEWSLETTER

 

Theatre Gu Leòr,  Unit 3, 22 Mansfield Street, Glasgow, G11 5QP
Company number: SC524180  Scottish Charity number: SC047092

Le taic bho/Supported By:

Creative_Scotland_REV.png

BnG logo light.png

 

Website by Niall Walker