Theatre Gu Leor

MB2_8493.jpg

COTHROMAN

 

COTHROMAN CÒMHLA RI THEATRE GU LEÒR

Nochdaidh cothroman a bhith ag obair còmhla ri Theatre Gu Leòr, neo a' gabhail pàirt anns an obair againn, air an duilleag seo.


DREUCHDAN BÀNA

Tha Theatre Gu Leòr a’ sireadh buill ùra don bhòrd againn. Ceann-latha 10/11/23.

TUILLEADH FIOSRACHAIDH


CUIR SGRIOBT THUGAINN

Aig Theatre Gu Leòr tha sinn a’ cur prìomhachas air sgrìobhadh ùr sa Ghàidhlig.

Tha sinn airson cluinntinn bho sgrìobhadairean aig a bheil sgriobt ùr (nach eil air a bhith air an àrd-ùrlar roimhe).

Mus cuir thu sgriobt thugainn, mholamaid a bhith eòlach air riochdachaidhean agus stoidhle aig Theatre Gu Leòr. Thig gus ar dealbhan-cluiche fhaicinn agus thoir sùil air na tha sinn air dèanamh gu ruige seo. Bidh sin na chuideachadh dhut ann a bhith a’ tuigsinn na bhios freagarrach don luchd-èisteachd againn.

Cuir sgriobt gu seona@theatreguleor.com.

Bidh sinn ag amas air gach sgriobt a leughadh agus freagairt a chur taobh a-steach trì mìosan.


DEASGAN RIM FAIGHINN 

Tha Theatre Gu Leòr a’ tabhann dà dheasg-falbhain do luchd-ealain le Gàidhlig san oifis againn aig Unit 3, 22 Mansfield Street, Partick, Glaschu, G11 5QP.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios thugainn aig info@theatreguleor.co.uk

IMG_0040.jpg


DORAS FOSGAILTE

Tha sinn a’ tabhann seiseanan comhairle aon-ri-aon do luchd-ealain is proifeiseantaich, an dà chuid ùr agus stèidhichte. 

Thig is gabh cupa tì is briosgaid còmhla rinn, is bruidhnidh sinn air cothroman obrach, meantorachd, leasachadh proifeiseanta, ealain Ghàidhlig, leasachadh sgriobtaichean agus eile!

Thèid na seiseanan seo a chur air dòigh mar a thèid iarraidh oirnn agus a rèir fheumalachdan gach neach fa-leth.

Airson seisean iarraidh, cuir fios gu:  info@theatreguleor.co.uk


Tha Theatre Gu Leòr daonnan ag iarraidh cluintinn bho luchd-ealain aig a bheil Gàidhlig agus daoine aig a bheil ùidh ann an tèatar Gàidhlig. Cuir fios thugainn mur deidhinn agus mun obair a th' agaibh le info@theatreguleor.co.uk agus thig 's bruidhinn rinn. Tha fàilte bhlàth romhaimh.

‘S e Fastaidhear Cothroman Co-Ionnain a th’ ann an Theatre Gu Leòr. Thèid luchd-obrach fhastadh air sàilleibh an eòlais is na comasan a th’ aca a thaobh nan obraichean a tha gan sanasachd. Tha sinn ag iarraidh cothroman co-ionann a thoirt do dhaoine, agus cuiridh sinn fàilte air luchd-iarrtais bho gach raon den choimhearsnachd.

LEAN / FOLLOW :

 

 

 

 

 

CLÀRAICH / SUBSCRIBE TO OUR NEWSLETTER

 

Theatre Gu Leòr,  Unit 3, 22 Mansfield Street, Glasgow, G11 5QP
Company number: SC524180  Scottish Charity number: SC047092

Le taic bho/Supported By:

Creative_Scotland_REV.png

BnG logo light.png

 

Website by Niall Walker